Sgoil-Àraich – Edinburgh’s Gaelic nursery | SGOIL-ÀRAICH GÀIDHLIG DHÙN EIDEANN

Sgoil Àraich is a council-run nursery, for children of 3+ and lots of children go on to Sgoil Àraich from Cròileagan. The majority of these children continue on to do their primary schooling in Gaelic-medium Education.We’ve answered some frequent questions below; if you’d like to find out more, you can contact Taobh na Pàirce School office on 0131 553 5856 to arrange a visit to the nursery and to meet the teacher.

Is there a typical session in Sgoil Àraich? What will the children be doing?
We begin with free play where the children can choose from a wide range of activities. The children help to prepare snack and can help themselves to snack throughout the session. We all tidy up together the have story and song time. The pre-school children take part in group activities to further develop basic Gaelic vocabulary.

Do children respond to Gaelic from the outset? How is the language introduced?
Every child is different and will respond to Gaelic in different ways. Most of the children are unfased by hearing the new language and will begin to follow basic instructions within a few months.

What if my child is upset or doesn’t understand?
If a child is very upset then staff will take them aside and speak to them quietly in English. If a child doesn’t understand new words and phrases staff will use gestures, props and repetition to reinforce Gaelic vocabulary.

How can parents help their children if they don’t speak Gaelic at home?
Each week there will be home learning sheets available to take home with the key vocabulary the children will be learning that week. The lending library is a great way to share books with your child and hear Gaelic language being spoken out with the nursery.

How will my fluent Gaelic speaking child be encouraged to speak Gaelic if most of the children do not speak Gaelic?
Staff will always speak to all children in Gaelic and repeat Gaelic vocabulary back to the children if they are conversing with others in English. Staff will be able to have more extensive conversations in Gaelic with fluent speakers. Coming to nursery is also about learning important skills such as socialising, sharing and following routines.

Can children borrow books from nursery?
We have a lending library with a wide range of books and accompanying CDs. Both parents and children tell us that this is a fantastic, useful resource. At the moment the lending library is available for pre-school children and we are working on opening this up to all children in the nursery.

Do children have snack during nursery?
The children help to prepare a healthy snack and are then free to help themselves to this throughout the session.

Can the children play outside?
We play outdoors every day and have recently purchased some new rain suits to allow us to go outside in the rain and snow. The children have great fun experiencing being outside in all weathers.

What should my child bring to nursery?
A spare change of clothing is useful in case of accidents. Please ensure your child comes to nursery with appropriate clothing for the changeable Scottish weather, as we play outdoors daily. The children will also be required to bring in some money for snack and you will be informed of this when your child starts.

Do the nursery children interact with the school pupils?
The children go to Gaelic assembly with the school pupils. We regularly have school pupils coming to help us in the nursery, reading stories and playing games.

Fo sgèith a’ chomhairle, sann do chlann aig aois 3+ sa tha an Sgoil Àraich agus thèid iomadh pàiste thuige bhon a’ Chròileagan. Bidh a’ chuid as motha den a’ chloinn seo a’ leantainn orra dhan bhunsgoil tro mheadhan na Gàidhlig.Tha sinn air cuid de na cheistean as cùmanta fhreagairt gu h-ìosal; ma tha tuilleadh fiosrachaidh a dhith ort, faodaidh tu fios a chur gu Bun Sgoil Taobh na Pàirce aig 0131 553 5856 agus àm a chur air doigh airson tadhal air an Sgoil Àraich agus coinneachadh ris an tidsear.

A bheil seisean àbhaisteach aig Sgoil Àraich? Dè bhios a’ chlann a’ dèanamh?
Bidh sinn a’ toiseachadh le cluich saor, far am faod a’ chlann taghadh a dhèanamh bho iomadh gnìomh. Bidh a’ chlann a’ cuideachadh le deasachadh a’ bhidhe agus faodaidh iad greimeag a ghabhail thairis air an seisean. Bidh sinn uile a’ sgioblachadh còmhla agus an uair sin bidh àm-sgeòil agus òrain againn. Bidh a’ chlann as sine a’ gabhail pàirt ann an gnìomhan buidhne gus briathrachas na Gàidhlig a leasachadh.

Am bidh a’ chlann a’ freagairt ris a’ Ghàidhlig bhon a’ chiad dol a-mach? Ciamar a tha sibh a toiseachadh leis a’ chànain?
Tha gach pàiste diofraichte agus bidh iad a’ freagairt ris a’ Ghàidhlig ann an dòighean eadar-dhealaichte. Tha a’ mhor-chuid den chloinne coma leis a bhith a’ cluinntinn cànan ùr agus tòisichidh iad a’ leantainn stiùiridhean shìmplidh taobh a-staigh mìos neo dhà.

Dè thachras ma tha mo phàiste tròimhe-chèile no mura h-eil i no e a’ tuigsinn?
Ma tha pàiste troimhe-chèile, bidh an luchd-obrach ga thoirt gu aon taobh agus a’ bruidhinn ris ann am Beurla gu socair. Mura h-eil am pàiste a’ tuigsinn faclan neo àbairtean ùra, cleachdaidh an luchd-obrach gluasad-bodhaig, propaichean agus ath-aithris gus briathrachas na Gàidhlig ath-neartachadh.

Ciamar as urrainn dha pàrantan an cuid cloinne a chuideachadh mura h-eil Gàidhlig aca aig an taigh?
Gach seachdainn bidh duilleagan cuidichidh leis a’ bhriathrachas as cùdromaiche rim faotainn airson toirt dhachaigh. Tha an leabharlann na dhòigh mhath gus leabhraichean a roinn le do phàiste agus gus am bi a’ Ghàidhlig air a cluinntinn taobh a-muigh an sgoil-àraich.

Ciamar a thèid am pàiste fileant’ agam a bhrosnachadh gus Gàidhlig a bhruidhinn mura h-eil a’ Ghàidhlig aig a’ mhòr-chuid?
Bidh an luchd-obrach daonnan a’ bruidhinn Gàidhlig ris a’ chloinn uile. Cuideachd, ma tha iad a’ bruidhinn ann am Beurla ri chèile, canaidh iad am briathrachas dhaibh a-rithist ann an Gàidhlig. Faodaidh an luchd- obrach agus a’ chlann fhileanta a’ bruidhinn ri chèile nas fharsainge. Bidh an Sgoil-Àraich cuideachd a’ brosnachadh sgilean cudromach mar chàirdeas, roinn agus leantainn gnàth-gnìomhan.

Am faigh a’ chlann iasad de leabhraichean bhon an leabharlann?
Tha leabhar-lann againn le measgachadh mòr de leabharaichean agus CDs a tha dol còmhla riutha. Tha pàrantan agus clann air an stòras seo a mholadh gu mòr. An-dràsta tha an leabhar-lann fosgailte do chlann ro-sgoile agus tha sinn ag obair air seo fhosgladh dhan a’ chloinn uile san sgoil-àraich.

Am bidh greim-bidh aig a’chloinn?
Bidh na clann a’ cuideachadh le deasachadh greimeagan bidhe falainn agus faodaidh iad am biadh ithe thairis air an seisean.

Am faod a’ chlann a’ cluich a-muigh?
Bidh sinn a cluich a-muigh a h-uile là agus tha sinn direach air còtaichean uisge ùr a cheannach, mar sin faodaidh sinn fhathast a dhol a-mach ma tha an t-uisge neo fiù’s an sneachda ann.

Dè bu choir dhan phàiste agam a thoirt leis?
Tha aodach a bharrachd daonnan feumail airson tubaist sam bith. Feuch gun tig do phàiste dhan sgoil-àraich le aodach a tha iomchaidh airson an aimsir chaochlaidich Albannaich againn oir thèid sinn a-mach gach là. A bharrachd air sin, thig air a’ chloinn airgead a thoirt a-steach airson greim-bidhe agus thèid innse dhut mu dheidhinn seo nuair a thoisicheas do phàiste.

Am bidh clann an sgoil-àraich a’ measgachadh le clann na sgoile?
Bidh a’chlann a’ dol gu cruinneachadh Gàidhlig comhla ri na sgoilearan. Cuideachd bidh sgoilearan gu tric a’ tighinn gar cuideachadh, a’ leughadh sgeulachdan agus a’ cluich geamannan.